MARK
Chapter 11
Mark | ScotsGae | 11:1 | Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil, | |
Mark | ScotsGae | 11:2 | Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e. | |
Mark | ScotsGae | 11:3 | Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair. | |
Mark | ScotsGae | 11:4 | 'Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh' fhuasgail iad e. | |
Mark | ScotsGae | 11:5 | Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail? | |
Mark | ScotsGae | 11:7 | Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air. | |
Mark | ScotsGae | 11:8 | Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad. | |
Mark | ScotsGae | 11:10 | Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh. | |
Mark | ScotsGae | 11:11 | Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; 's an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha 'm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag. | |
Mark | ScotsGae | 11:13 | 'S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh' fhaoidte dad oirre; 's nuair a rainig e i, cha d' fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann. | |
Mark | ScotsGae | 11:14 | 'Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn. | |
Mark | ScotsGae | 11:15 | Is rainig iad Ierusalem. 'S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, 's na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman. | |
Mark | ScotsGae | 11:17 | Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth. | |
Mark | ScotsGae | 11:18 | Agus nuair chuala na h-ard-shagairt 's na Sgriobhaich so, dh' iarr iad ciamar a dh' fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg. | |
Mark | ScotsGae | 11:20 | 'S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean. | |
Mark | ScotsGae | 11:21 | Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as. | |
Mark | ScotsGae | 11:23 | Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so ; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha. | |
Mark | ScotsGae | 11:24 | Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b' e ni dh' iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh. | |
Mark | ScotsGae | 11:25 | 'S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. | |
Mark | ScotsGae | 11:26 | Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. | |
Mark | ScotsGae | 11:27 | Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. 'S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh, | |
Mark | ScotsGae | 11:28 | Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh? | |
Mark | ScotsGae | 11:29 | Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so. | |
Mark | ScotsGae | 11:31 | Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e? | |
Mark | ScotsGae | 11:32 | Ma their sinn : bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh. | |