Site uses cookies to provide basic functionality.

OK
MARK
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16
Prev Up Next Toggle notes
Chapter 12
Mark ScotsGae 12:1  Is thoisich e ri labhairt riutha ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, is chuir e garadh mu thimcheall, is chladhaich e amar-fiona, is thog e tur, is shuidhich e air aonta do thuathanaich e, is dh' fhalbh e gu tir chein.
Mark ScotsGae 12:2  Agus chuir e seirbhiseach thun na tuathanaich san am, los gu faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhuapa.
Mark ScotsGae 12:3  'Sa breith air, bhuail iad e, is chuir iad air falbh falamh e.
Mark ScotsGae 12:4  Agus a rithist chuir e gan ionusuidh seirbhiseach eile; is lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha.
Mark ScotsGae 12:5  'Sa rithist chuir e fear eile, 's mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.
Mark ScotsGae 12:6  Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, ag radh: Bheir iad urram dham mhac.
Mark ScotsGae 12:7  Ach thuirt na tuathanaich ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein.
Mark ScotsGae 12:8  'Sa breith air, mharbh iad e; is thug iad a mach as a gharadh-fhiona e.
Mark ScotsGae 12:9  Ciod ma ta a ni tighearna a gharaidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e na tuathanaich sin; agus bheir e gharadh-fiona do dh' fheadhainn eile.
Mark ScotsGae 12:10  Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi.
Mark ScotsGae 12:11  Leis an Tighearna rinneadh so, 's tha e iongantach ri fhaicinn?
Mark ScotsGae 12:12  Agus dh' iarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir thuig iad gum b' ann mun deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dh' fhalbh iad.
Mark ScotsGae 12:13  Is chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e 'na chainnt.
Mark ScotsGae 12:14  Thainig iadsan, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, 's nach eil eisimeil agad ri duine sam bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chesar, no nach eil?
Mark ScotsGae 12:15  Thuig esan am foill, is thuirt e riutha: Carson tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh dhomh sgilinn gus am faic mi i.
Mark ScotsGae 12:16  Agus thug iad dha i. Is thuirt e riutha: Co leis an iomhaigh so, 's an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le Cesar.
Mark ScotsGae 12:17  Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Thugaibh mata do Chesar na bhuineas do Chesar; 's do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad ioghnadh as.
Mark ScotsGae 12:18  Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; is dh' fharraid iad dheth, ag radh
Mark ScotsGae 12:19  A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheibh brathair duine bas, 's gum fag e bean, 's nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, 's togadh e clann dha bhrathair.
Mark ScotsGae 12:20  A nis bha seachdnar bhraithrean ann 's ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail.
Mark ScotsGae 12:21  Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan 's cha mhua dh' fhag esan sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna.
Mark ScotsGae 12:22  Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; 's cha d' fhag iad sliochd. 'Nan deigh uile dh' eug am boirionnach fhein.
Mark ScotsGae 12:23  Anns an aiseirigh mata, nuair dheireas iad, co dhiu sin dham bi i 'na mnaoi? oir bha i 'na mnaoi aig an t-seachdnar.
Mark ScotsGae 12:24  Agus fhreagair Iosa, is thuirt e riutha: Nach ann a thaobh seo a tha sibh a deanamh mearachd, nach eil eolas agaibh air na sgriobturan no air cumhachd Dhe?
Mark ScotsGae 12:25  Oir nuair a dh' eireas iad bho na mairbh, cha phos iad, 's cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais.
Mark ScotsGae 12:26  Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, ag radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iocoib?
Mark ScotsGae 12:27  Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin a dol fada cearr.
Mark ScotsGae 12:28  Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, 'sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh' fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile.
Mark ScotsGae 12:29  Is fhreagair Iosa e: Gum b' i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia :
Mark ScotsGae 12:30  Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte.
Mark ScotsGae 12:31  Agus tha an darna fainte coltach rithe : Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann.
Mark ScotsGae 12:32  Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, 's nach eil ann ach e;
Mark ScotsGae 12:33  'S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, 's leis an uile anam, 's leis an uil' inntinn, agus leis an uile neart ; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.
Mark ScotsGae 12:34  Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.
Mark ScotsGae 12:35  Is thuirt Iosa, 's e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criosda mac Dhaibhidh?
Mark ScotsGae 12:36  Oir tha Daibhidh fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Tighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhidean nan stol-chas dhut.
Mark ScotsGae 12:37  Tha Daibhidh fhein mata a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar mata is e a mhac? Is dh' eisd moran sluaigh ris gu deonach.
Mark ScotsGae 12:38  Is thuirt e riutha 'na theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh,
Mark ScotsGae 12:39  Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, 's air na ciad shuidheachain aig suipeirean:
Mark ScotsGae 12:40  A shluigeas tighean bhantrach air sgath urnaighean fada: gheibh iad sin binn nas cruaidhe.
Mark ScotsGae 12:41  'S nuair a bha Iosa 'na shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha 'n sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus chuir moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.
Mark ScotsGae 12:42  Agus thainig bantrach bhochd, is chuir i da lethfheoirlinn, se sin fairdein, innte,
Mark ScotsGae 12:43  'Sa gairm a dheisciopul, thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so barrachd na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh.
Mark ScotsGae 12:44  Oir 's ann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach 'sann bho h-uireasuidh a chuir ise, a beo-shlainte uile.