Site uses cookies to provide basic functionality.

OK
MARK
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16
Prev Up Next Toggle notes
Chapter 8
Mark ScotsGae 8:1  Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh' itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha
Mark ScotsGae 8:2  Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, 's chan eil ni aca a dhitheas iad:
Mark ScotsGae 8:3  Agus ma leigeas mi air falbh iad 'nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar.
Mark ScotsGae 8:4  Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach?
Mark ScotsGae 8:5  Is dh' fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd.
Mark ScotsGae 8:6  Agus dh' orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. 'Sa glacadh nan seachd bonnaich, 'sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.
Mark ScotsGae 8:7  'S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh' iarr e an cur air am bialaobh.
Mark ScotsGae 8:8  Agus dh' ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh' fhagadh thog iad seachd cleibh.
Mark ScotsGae 8:9  Is bha an fheadhainn a dh' ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad.
Mark ScotsGae 8:10  'S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha.
Mark ScotsGae 8:11  Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.
Mark ScotsGae 8:12  'S ag osnaich 'na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so.
Mark ScotsGae 8:13  Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh' fhalbh e thar a chaol.
Mark ScotsGae 8:14  Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar.
Mark ScotsGae 8:15  Is dh' aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, 's bho thaois ghoirt Heroid.
Mark ScotsGae 8:16  Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: 'S ann a chionn 's nach eil aran againn.
Mark ScotsGae 8:17  Thuirt Iosa riutha, 's e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn 's nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast?
Mark ScotsGae 8:18  Tha suilean agaibh, 's nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, 's nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh,
Mark ScotsGae 8:19  Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag.
Mark ScotsGae 8:20  A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd.
Mark ScotsGae 8:21  Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast?
Mark ScotsGae 8:22  Agus thainig iad gu Bethsaida, 's thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.
Mark ScotsGae 8:23  'Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; 'sa cur a shile air a shuilean, 'sa cur a lamhan air, dh' fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.
Mark ScotsGae 8:24  'Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.
Mark ScotsGae 8:25  An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor 's gum bu leir dha gach ni gu soilleir.
Mark ScotsGae 8:26  Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith.
Mark ScotsGae 8:27  Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; 'S air an t-slighe dh' fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi?
Mark ScotsGae 8:28  Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean.
Mark ScotsGae 8:29  An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda.
Mark ScotsGae 8:30  Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh 'innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith.
Mark ScotsGae 8:31  Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, 's leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, 'sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist.
Mark ScotsGae 8:32  Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh.
Mark ScotsGae 8:33  Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine.
Mark ScotsGae 8:34  'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.
Mark ScotsGae 8:35  Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.
Mark ScotsGae 8:36  Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?
Mark ScotsGae 8:38  Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.