MARK
Chapter 13
Mark | ScotsGae | 13:1 | 'S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo. | |
Mark | ScotsGae | 13:2 | Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. | |
Mark | ScotsGae | 13:3 | 'S nuair a bha e 'na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris: | |
Mark | ScotsGae | 13:4 | Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh? | |
Mark | ScotsGae | 13:5 | Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibh | |
Mark | ScotsGae | 13:7 | Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s'fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast. | |
Mark | ScotsGae | 13:8 | Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod 's a so, agus gorta. 'Siad sin toiseachd nan amhghar. | |
Mark | ScotsGae | 13:9 | Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan. | |
Mark | ScotsGae | 13:11 | Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, 's gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. | |
Mark | ScotsGae | 13:12 | Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad. | |
Mark | ScotsGae | 13:13 | Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m'ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte. | |
Mark | ScotsGae | 13:14 | Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios 'na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann. | |
Mark | ScotsGae | 13:15 | 'S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, 's na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; | |
Mark | ScotsGae | 13:16 | 'S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus 'aodach a thoirt leis. | |
Mark | ScotsGae | 13:19 | Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, 's nach bi. | |
Mark | ScotsGae | 13:20 | Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. | |
Mark | ScotsGae | 13:21 | Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e. | |
Mark | ScotsGae | 13:22 | Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein. | |
Mark | ScotsGae | 13:24 | Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, 's cha toir a ghealach a solus. | |
Mark | ScotsGae | 13:25 | Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. | |
Mark | ScotsGae | 13:27 | An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. | |
Mark | ScotsGae | 13:28 | A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, 'sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg: | |
Mark | ScotsGae | 13:29 | Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. | |
Mark | ScotsGae | 13:30 | Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. | |
Mark | ScotsGae | 13:32 | Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. | |
Mark | ScotsGae | 13:33 | Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am. | |
Mark | ScotsGae | 13:34 | Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh' fhag a thigh, 'sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, 'sa dh' aithn' air an dorsair faire a dhianamh. | |
Mark | ScotsGae | 13:35 | Dianaibhse faire mata, (chionn 's nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), | |