MARK
Chapter 15
Mark | ScotsGae | 15:1 | Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, 's na seannairean 's na Sgriobhaich, 'sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat. | |
Mark | ScotsGae | 15:2 | Is dh' fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh. | |
Mark | ScotsGae | 15:4 | Is dh' fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 15:6 | A nis air latha na feille b' abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh' iarradh iad. | |
Mark | ScotsGae | 15:7 | Agus bha fear ann, dham b'ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc. | |
Mark | ScotsGae | 15:8 | Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e. | |
Mark | ScotsGae | 15:9 | Agus fhreagair Pilat iad, 's thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach? | |
Mark | ScotsGae | 15:10 | Oir bha fios aige gum b' ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e. | |
Mark | ScotsGae | 15:11 | Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn. | |
Mark | ScotsGae | 15:12 | Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach? | |
Mark | ScotsGae | 15:14 | Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e. | |
Mark | ScotsGae | 15:15 | Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, 's an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh. | |
Mark | ScotsGae | 15:16 | Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile. | |
Mark | ScotsGae | 15:19 | Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, 'sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha. | |
Mark | ScotsGae | 15:20 | Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. | |
Mark | ScotsGae | 15:21 | Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan. | |
Mark | ScotsGae | 15:22 | Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari. | |
Mark | ScotsGae | 15:24 | Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon. | |
Mark | ScotsGae | 15:27 | Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli. | |
Mark | ScotsGae | 15:28 | Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach. | |
Mark | ScotsGae | 15:29 | Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, 's ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, 'sa thogas e rithist ann an tri latha: | |
Mark | ScotsGae | 15:31 | Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh. | |
Mark | ScotsGae | 15:32 | Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air. | |
Mark | ScotsGae | 15:33 | 'S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair. | |
Mark | ScotsGae | 15:34 | Agus aig an naoitheamh uair dh' eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? | |
Mark | ScotsGae | 15:35 | Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais. | |
Mark | ScotsGae | 15:36 | Agus ruith fear, 'sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas. | |
Mark | ScotsGae | 15:39 | Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha 'na sheasamh mu choinneamh, gun do dh'eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b'e an duine so Mac Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 15:40 | Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome: | |
Mark | ScotsGae | 15:41 | A lean e nuair a bha e ann an Galile, 'sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh' air direadh gu Ierusalem maille ris. | |
Mark | ScotsGae | 15:42 | 'S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh' ann, se sin an latha romh 'n t-sabaid, | |
Mark | ScotsGae | 15:43 | Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh' iarr e corp Iosa. | |
Mark | ScotsGae | 15:44 | 'S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. 'Sa gairm a cheannaird-chiad, dh' fharraid e dheth an robh e cheana marbh. | |
Mark | ScotsGae | 15:46 | Agus cheannaich Ioseph lion-anart, 's ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh' air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe. | |