Site uses cookies to provide basic functionality.

OK
MARK
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16
Prev Up Next Toggle notes
Chapter 15
Mark ScotsGae 15:1  Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, 's na seannairean 's na Sgriobhaich, 'sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.
Mark ScotsGae 15:2  Is dh' fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh.
Mark ScotsGae 15:3  Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth.
Mark ScotsGae 15:4  Is dh' fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh.
Mark ScotsGae 15:5  Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol 's gun do ghabh Pilat ioghnadh.
Mark ScotsGae 15:6  A nis air latha na feille b' abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh' iarradh iad.
Mark ScotsGae 15:7  Agus bha fear ann, dham b'ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.
Mark ScotsGae 15:8  Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e.
Mark ScotsGae 15:9  Agus fhreagair Pilat iad, 's thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?
Mark ScotsGae 15:10  Oir bha fios aige gum b' ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.
Mark ScotsGae 15:11  Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn.
Mark ScotsGae 15:12  Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?
Mark ScotsGae 15:14  Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e.
Mark ScotsGae 15:15  Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, 's an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.
Mark ScotsGae 15:16  Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile.
Mark ScotsGae 15:17  Agus dh' eid iad e le purpur, 'sa fighe crun dreighinn chuir iad air e.
Mark ScotsGae 15:18  Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach.
Mark ScotsGae 15:19  Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, 'sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.
Mark ScotsGae 15:20  Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.
Mark ScotsGae 15:21  Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan.
Mark ScotsGae 15:22  Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.
Mark ScotsGae 15:23  Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.
Mark ScotsGae 15:24  Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon.
Mark ScotsGae 15:25  Agus bi an treasamh uair a bh' ann, agus cheus iad e.
Mark ScotsGae 15:26  'S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH.
Mark ScotsGae 15:27  Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli.
Mark ScotsGae 15:28  Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.
Mark ScotsGae 15:29  Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, 's ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, 'sa thogas e rithist ann an tri latha:
Mark ScotsGae 15:31  Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh.
Mark ScotsGae 15:32  Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air.
Mark ScotsGae 15:33  'S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.
Mark ScotsGae 15:34  Agus aig an naoitheamh uair dh' eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?
Mark ScotsGae 15:35  Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.
Mark ScotsGae 15:36  Agus ruith fear, 'sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.
Mark ScotsGae 15:37  Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail.
Mark ScotsGae 15:38  Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar.
Mark ScotsGae 15:39  Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha 'na sheasamh mu choinneamh, gun do dh'eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b'e an duine so Mac Dhe.
Mark ScotsGae 15:40  Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome:
Mark ScotsGae 15:41  A lean e nuair a bha e ann an Galile, 'sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh' air direadh gu Ierusalem maille ris.
Mark ScotsGae 15:42  'S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh' ann, se sin an latha romh 'n t-sabaid,
Mark ScotsGae 15:43  Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh' iarr e corp Iosa.
Mark ScotsGae 15:44  'S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. 'Sa gairm a cheannaird-chiad, dh' fharraid e dheth an robh e cheana marbh.
Mark ScotsGae 15:45  'S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.
Mark ScotsGae 15:46  Agus cheannaich Ioseph lion-anart, 's ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh' air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.
Mark ScotsGae 15:47  'S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e.