Site uses cookies to provide basic functionality.

OK
MARK
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16
Prev Up Next Toggle notes
Chapter 6
Mark ScotsGae 6:1  Is dh'fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e;
Mark ScotsGae 6:2  Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: 's na gniomhan cho euchdail, a th' air an dianamh le lamhan?
Mark ScotsGae 6:3  Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.
Mark ScotsGae 6:4  Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach 'na dhuthaich fhein, agus 'na thigh fhein, 's am measg a chairdean fhein.
Mark ScotsGae 6:5  Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra;
Mark ScotsGae 6:6  Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh' imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.
Mark ScotsGae 6:7  Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.
Mark ScotsGae 6:8  Is dh'aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod 'nan sporan,
Mark ScotsGae 6:9  Ach cuarain air a chasan, 's gun da chota a chur orra.
Mark ScotsGae 6:10  Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin.
Mark ScotsGae 6:11  Agus aite sam bith nach gabh ribh, 's nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais 'nan aghaidh.
Mark ScotsGae 6:12  'Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh.
Mark ScotsGae 6:13  Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh' ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad.
Mark ScotsGae 6:14  Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh 'ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh' eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: 's air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis.
Mark ScotsGae 6:15  Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th' ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th' ann, mar aon de na faidhean a bh'ann bho shean.
Mark ScotsGae 6:16  Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th' ann, dh' eirich e bho na mairbh.
Mark ScotsGae 6:17  Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i.
Mark ScotsGae 6:18  Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad.
Mark ScotsGae 6:19  Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b' urrainn dhi.
Mark ScotsGae 6:20  Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e 'na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh' eisdeadh e ris gu toileach.
Mark ScotsGae 6:21  Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh' uaislean, 's do cheannardan, 's do mhaithean Ghalile.
Mark ScotsGae 6:22  'S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, 'sa dhanns i, 'sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e:
Mark ScotsGae 6:23  Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b'e leth mo rioghachd.
Mark ScotsGae 6:24  Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh' iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh.
Mark ScotsGae 6:25  'S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh' iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis.
Mark ScotsGae 6:26  Agus bha 'n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh' aig bord maille ris, cha b' aill leis miothlachd a chur oirre:
Mark ScotsGae 6:27  'Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh' orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan,
Mark ScotsGae 6:28  Agus thug e leis a cheann air meis, 's thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e.
Mark ScotsGae 6:29  Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, 's thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.
Mark ScotsGae 6:30  Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh' innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, 's air teagasg.
Mark ScotsGae 6:31  Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn 'sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail.
Mark ScotsGae 6:32  'Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas.
Mark ScotsGae 6:33  Agus chunnacas iad a falbh, 's bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa.
Mark ScotsGae 6:34  'Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh.
Mark ScotsGae 6:35  Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, 's tha 'n uair a nis air ruith
Mark ScotsGae 6:36  Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha 's do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh' itheas iad.
Mark ScotsGae 6:37  Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh' aran a bheir sinn dhaibh ri ithe?
Mark ScotsGae 6:38  Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh' fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, 's da iasg.
Mark ScotsGae 6:39  Agus dh' orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm.
Mark ScotsGae 6:40  Is shuidh iad sios 'nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan.
Mark ScotsGae 6:41  'Sa glacadh na coig bonnaich-arain, 's an da iasg, 's ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile.
Mark ScotsGae 6:43  Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, 's de dhiasg.
Mark ScotsGae 6:44  Agus b' e aireamh na feadhnach, a dh' ith, coig mile fear.
Mark ScotsGae 6:45  'S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad 'sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh.
Mark ScotsGae 6:46  Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh.
Mark ScotsGae 6:47  'S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir.
Mark ScotsGae 6:48  'Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra.
Mark ScotsGae 6:49  Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh'ann, agus glaodh iad.
Mark ScotsGae 6:50  Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh.
Mark ScotsGae 6:51  Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra.
Mark ScotsGae 6:52  Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh.
Mark ScotsGae 6:53  Agus nuair dh' aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir.
Mark ScotsGae 6:54  'S nuair thainig iad as a bhata, dh' aithnich iad e san uair:
Mark ScotsGae 6:55  Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith.
Mark ScotsGae 6:56  Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, 's a guid' air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh'iomall aodaich: 'sa mhiad 's bhean dha, rinneadh slan iad.