MARK
Chapter 7
Mark | ScotsGae | 7:1 | Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem. | |
Mark | ScotsGae | 7:2 | Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 7:3 | Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean. | |
Mark | ScotsGae | 7:4 | Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise. | |
Mark | ScotsGae | 7:5 | Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe? | |
Mark | ScotsGae | 7:6 | Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam. | |
Mark | ScotsGae | 7:7 | Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine. | |
Mark | ScotsGae | 7:8 | Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh. | |
Mark | ScotsGae | 7:9 | Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail. | |
Mark | ScotsGae | 7:10 | Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e. | |
Mark | ScotsGae | 7:11 | Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa | |
Mark | ScotsGae | 7:13 | Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin. | |
Mark | ScotsGae | 7:14 | 'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh. | |
Mark | ScotsGae | 7:15 | Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:17 | Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal. | |
Mark | ScotsGae | 7:18 | Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: | |
Mark | ScotsGae | 7:19 | A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile). | |
Mark | ScotsGae | 7:20 | Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:21 | Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt, | |
Mark | ScotsGae | 7:22 | Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd. | |
Mark | ScotsGae | 7:23 | Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:24 | 'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach. | |
Mark | ScotsGae | 7:25 | Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan. | |
Mark | ScotsGae | 7:26 | Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn. | |
Mark | ScotsGae | 7:27 | Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con. | |
Mark | ScotsGae | 7:28 | Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne. | |
Mark | ScotsGae | 7:29 | Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn. | |
Mark | ScotsGae | 7:30 | 'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde. | |
Mark | ScotsGae | 7:31 | 'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis. | |
Mark | ScotsGae | 7:32 | Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air. | |
Mark | ScotsGae | 7:33 | Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh; | |
Mark | ScotsGae | 7:34 | 'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh. | |
Mark | ScotsGae | 7:35 | Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart. | |
Mark | ScotsGae | 7:36 | Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse; | |