Toggle notes
Chapter 1
Mark | ScotsGae | 1:2 | Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. | |
Mark | ScotsGae | 1:3 | Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach. | |
Mark | ScotsGae | 1:4 | Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. | |
Mark | ScotsGae | 1:5 | Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan. | |
Mark | ScotsGae | 1:6 | Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh: | |
Mark | ScotsGae | 1:7 | Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh. | |
Mark | ScotsGae | 1:9 | Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan. | |
Mark | ScotsGae | 1:10 | 'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air. | |
Mark | ScotsGae | 1:13 | Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. | |
Mark | ScotsGae | 1:14 | 'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, | |
Mark | ScotsGae | 1:15 | 'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. | |
Mark | ScotsGae | 1:16 | 'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.), | |
Mark | ScotsGae | 1:17 | Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. | |
Mark | ScotsGae | 1:19 | 'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata: | |
Mark | ScotsGae | 1:20 | Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e. | |
Mark | ScotsGae | 1:21 | Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad. | |
Mark | ScotsGae | 1:22 | Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich. | |
Mark | ScotsGae | 1:24 | Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 1:27 | Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha. | |
Mark | ScotsGae | 1:29 | 'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra. | |
Mark | ScotsGae | 1:30 | Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn. | |
Mark | ScotsGae | 1:31 | Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 1:32 | 'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. | |
Mark | ScotsGae | 1:34 | Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e. | |
Mark | ScotsGae | 1:35 | 'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin. | |
Mark | ScotsGae | 1:38 | Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi. | |
Mark | ScotsGae | 1:39 | 'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan. | |
Mark | ScotsGae | 1:40 | Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. | |
Mark | ScotsGae | 1:41 | 'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan. | |
Mark | ScotsGae | 1:44 | 'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh. | |
Chapter 2
Mark | ScotsGae | 2:1 | Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh. | |
Mark | ScotsGae | 2:2 | Agus chruinnich na h-uimhir, 's nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha. | |
Mark | ScotsGae | 2:3 | Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar. | |
Mark | ScotsGae | 2:4 | 'Sa chionns nach b' urrainn dhaibh a chur 'na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; 'S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe 'na laidhe. | |
Mark | ScotsGae | 2:5 | 'S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut. | |
Mark | ScotsGae | 2:6 | Ach bha cuid de na Sgriobhaich 'nan suidhe an sin, 'sa smaoineachadh 'nan cridheachan: | |
Mark | ScotsGae | 2:7 | Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia 'na aonar? | |
Mark | ScotsGae | 2:8 | Dh' aithnich Iosa san uair 'na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin 'nur cridheachan? | |
Mark | ScotsGae | 2:9 | Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich? | |
Mark | ScotsGae | 2:10 | Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,) | |
Mark | ScotsGae | 2:12 | Agus ghrad-dh' eirich e: 'sa togail a leaba, dh' fhalbh e 'nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, 's thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so. | |
Mark | ScotsGae | 2:13 | Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad. | |
Mark | ScotsGae | 2:14 | 'S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis 'na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. 'S ag eirigh, lean e e. | |
Mark | ScotsGae | 2:15 | Agus thachair, nuair a bha e 'na shuidhe aig biadh 'na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e. | |
Mark | ScotsGae | 2:16 | Agus na Sgriobhaich 's na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe 's ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich? | |
Mark | ScotsGae | 2:17 | Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach. | |
Mark | ScotsGae | 2:18 | Agus bha deisciopuil Eoin 's nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin 's nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg? | |
Mark | ScotsGae | 2:19 | Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh. | |
Mark | ScotsGae | 2:20 | Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin. | |
Mark | ScotsGae | 2:21 | Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh' aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua. | |
Mark | ScotsGae | 2:22 | Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura. | |
Mark | ScotsGae | 2:23 | Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, 's iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias. | |
Mark | ScotsGae | 2:24 | Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte? | |
Mark | ScotsGae | 2:25 | Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach 's air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris? | |
Mark | ScotsGae | 2:26 | Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh' ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris ? | |
Mark | ScotsGae | 2:27 | Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, 's chan e an duine air son na sabaid. | |
Chapter 3
Mark | ScotsGae | 3:1 | Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. | |
Mark | ScotsGae | 3:2 | Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn 'na aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 3:4 | Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan 'nan tosd. | |
Mark | ScotsGae | 3:5 | 'S ag amharc orra mun cuairt le feirg 's le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha. | |
Mark | ScotsGae | 3:6 | 'S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha. | |
Mark | ScotsGae | 3:7 | Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile 's bho Iudea, | |
Mark | ScotsGae | 3:8 | Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, 'S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, 's iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. | |
Mark | ScotsGae | 3:9 | Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. | |
Mark | ScotsGae | 3:10 | Oir leighis e moran, air chor 's gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad 'sa bha easlainteach. | |
Mark | ScotsGae | 3:11 | 'S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh: | |
Mark | ScotsGae | 3:12 | Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. | |
Mark | ScotsGae | 3:13 | 'Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b' aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. | |
Mark | ScotsGae | 3:14 | Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. | |
Mark | ScotsGae | 3:17 | Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: | |
Mark | ScotsGae | 3:18 | Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, | |
Mark | ScotsGae | 3:20 | Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor 's nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. | |
Mark | ScotsGae | 3:21 | S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. | |
Mark | ScotsGae | 3:22 | Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, 's gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. | |
Mark | ScotsGae | 3:23 | 'S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? | |
Mark | ScotsGae | 3:24 | Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. | |
Mark | ScotsGae | 3:25 | Agus ma bhios tigh air a roinn 'na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. | |
Mark | ScotsGae | 3:26 | 'S ma tha Satan air eirigh 'na aghaidh fhein, tha e roinnte, 's chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. | |
Mark | ScotsGae | 3:27 | Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. | |
Mark | ScotsGae | 3:28 | Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: | |
Mark | ScotsGae | 3:29 | Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. | |
Mark | ScotsGae | 3:31 | Is thainig a mhathair 'sa bhraithrean; 's nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. | |
Mark | ScotsGae | 3:32 | Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair 's do bhraithrean a muigh gad iarraidh. | |
Mark | ScotsGae | 3:34 | 'S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha 'nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. | |
Chapter 4
Mark | ScotsGae | 4:1 | Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir; | |
Mark | ScotsGae | 4:2 | Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg: | |
Mark | ScotsGae | 4:4 | 'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e. | |
Mark | ScotsGae | 4:5 | Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige: | |
Mark | ScotsGae | 4:6 | 'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as. | |
Mark | ScotsGae | 4:7 | Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh. | |
Mark | ScotsGae | 4:8 | Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte. | |
Mark | ScotsGae | 4:10 | Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth. | |
Mark | ScotsGae | 4:11 | Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail, | |
Mark | ScotsGae | 4:12 | Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan. | |
Mark | ScotsGae | 4:13 | Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal? | |
Mark | ScotsGae | 4:15 | Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan. | |
Mark | ScotsGae | 4:16 | Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas: | |
Mark | ScotsGae | 4:17 | 'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh. | |
Mark | ScotsGae | 4:18 | Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal | |
Mark | ScotsGae | 4:19 | Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh. | |
Mark | ScotsGae | 4:20 | Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte. | |
Mark | ScotsGae | 4:21 | Is thuirt e riutha: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir? | |
Mark | ScotsGae | 4:22 | Oir chan eil ni am falach, nach toirear am follais; 's cha d' rinneadh ni an uaigneas, ach los gun nochdar e. | |
Mark | ScotsGae | 4:24 | Is thuirt e riutha: Thugaibh an aire dhan rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuilleadh ris dhuibh. | |
Mark | ScotsGae | 4:25 | Oir dhan neach aig a bheil, bheirear: agus bhon neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a th' aige bhuaithe. | |
Mark | ScotsGae | 4:26 | Is thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh, | |
Mark | ScotsGae | 4:27 | 'S gun caidleadh e, 's gun eireadh e a dh' oidhche 'sa latha, 'S gum fasadh an siol, 's gun cinneadh e gun fhios dha. | |
Mark | ScotsGae | 4:28 | Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an deis. | |
Mark | ScotsGae | 4:29 | 'S nuair a tha 'n toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dail, bho na tha am foghar air tighinn. | |
Mark | ScotsGae | 4:30 | Is thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i? | |
Mark | ScotsGae | 4:31 | Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, nuair a chuirear san talamh i, is lugha i den h-uile siol a tha air thalamh: | |
Mark | ScotsGae | 4:32 | 'S an deigh a cur, fasaidh i suas, is cinnidh i nas mua na h-uile luibh, is cuiridh i mach geugan mora, agus faodaidh eoin an athair tamh fo 'sgaile. | |
Mark | ScotsGae | 4:33 | Agus le iomadh dubhfhacal den leithidean so, labhair e riutha am facal, air reir 's mar b' urrainn dhaibh eisdeachd: | |
Mark | ScotsGae | 4:34 | Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riutha: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil. | |
Mark | ScotsGae | 4:35 | Is thuirt e riutha an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile. | |
Mark | ScotsGae | 4:36 | 'Sa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh don eathar mar a bha e; is bha eathraichean eile comhla ris. | |
Mark | ScotsGae | 4:37 | Agus dh' eirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh don eathar, air chor 's gun robh an t-eathar a lionadh. | |
Mark | ScotsGae | 4:38 | Agus bha esan an deireadh an eathair 'na chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil umhail agad gu bheil sinn a dol a dhith? | |
Mark | ScotsGae | 4:39 | 'S ag eirigh chronaich e a ghaoth, 's thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Is laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor. | |
Mark | ScotsGae | 4:40 | Is thuirt e riutha: Carson a tha eagal oirbh? Nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; is thuirt iad ri cheile: | |
Chapter 5
Mark | ScotsGae | 5:2 | 'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan, | |
Mark | ScotsGae | 5:3 | Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean: | |
Mark | ScotsGae | 5:4 | Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh. | |
Mark | ScotsGae | 5:5 | Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan. | |
Mark | ScotsGae | 5:7 | 'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi. | |
Mark | ScotsGae | 5:9 | Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn. | |
Mark | ScotsGae | 5:12 | Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta, | |
Mark | ScotsGae | 5:13 | Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad. | |
Mark | ScotsGae | 5:14 | Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair | |
Mark | ScotsGae | 5:15 | Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal. | |
Mark | ScotsGae | 5:16 | Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc. | |
Mark | ScotsGae | 5:18 | 'S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh' air a leigeil comhla ris: | |
Mark | ScotsGae | 5:19 | Ach cha do leig e leis, 's ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, 's mar a ghabh e truas riut. | |
Mark | ScotsGae | 5:20 | Is dh' fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh. | |
Mark | ScotsGae | 5:21 | 'S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir. | |
Mark | ScotsGae | 5:22 | Agus thainig fear de dh' uachdrain an t-sinagoig, dham b' ainm Iairus; 's ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan, | |
Mark | ScotsGae | 5:23 | Agus ghuidh' e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, 's gum bi i beo. | |
Mark | ScotsGae | 5:24 | Is dh' fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air. | |
Mark | ScotsGae | 5:26 | 'S a dh' fhuilig moran bho iomadh lighich, 'sa chosg a cuid uile, 's nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh'fhas nas miosa. | |
Mark | ScotsGae | 5:27 | A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh; | |
Mark | ScotsGae | 5:29 | Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh' fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis. | |
Mark | ScotsGae | 5:30 | Agus dh' aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh? | |
Mark | ScotsGae | 5:31 | Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh 's an abair thu: Co bhean dhomh? | |
Mark | ScotsGae | 5:33 | Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh 's air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh' innis i dha an fhirinn gu leir. | |
Mark | ScotsGae | 5:34 | Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d' eucail. | |
Mark | ScotsGae | 5:35 | Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir? | |
Mark | ScotsGae | 5:36 | Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh'aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid. | |
Mark | ScotsGae | 5:37 | 'S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais. | |
Mark | ScotsGae | 5:38 | Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, 'sa caoidh gu goirt. | |
Mark | ScotsGae | 5:39 | 'Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal. | |
Mark | ScotsGae | 5:40 | Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean 'na laidhe. | |
Mark | ScotsGae | 5:41 | 'Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich. | |
Mark | ScotsGae | 5:42 | Is dh' eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh' aois. Agus b' anabarrach an t-iognadh a ghabh iad. | |
Chapter 6
Mark | ScotsGae | 6:1 | Is dh'fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e; | |
Mark | ScotsGae | 6:2 | Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: 's na gniomhan cho euchdail, a th' air an dianamh le lamhan? | |
Mark | ScotsGae | 6:3 | Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. | |
Mark | ScotsGae | 6:4 | Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach 'na dhuthaich fhein, agus 'na thigh fhein, 's am measg a chairdean fhein. | |
Mark | ScotsGae | 6:5 | Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; | |
Mark | ScotsGae | 6:6 | Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh' imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. | |
Mark | ScotsGae | 6:7 | Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. | |
Mark | ScotsGae | 6:8 | Is dh'aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod 'nan sporan, | |
Mark | ScotsGae | 6:10 | Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. | |
Mark | ScotsGae | 6:11 | Agus aite sam bith nach gabh ribh, 's nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais 'nan aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 6:13 | Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh' ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. | |
Mark | ScotsGae | 6:14 | Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh 'ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh' eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: 's air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. | |
Mark | ScotsGae | 6:15 | Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th' ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th' ann, mar aon de na faidhean a bh'ann bho shean. | |
Mark | ScotsGae | 6:16 | Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th' ann, dh' eirich e bho na mairbh. | |
Mark | ScotsGae | 6:17 | Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. | |
Mark | ScotsGae | 6:19 | Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b' urrainn dhi. | |
Mark | ScotsGae | 6:20 | Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e 'na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh' eisdeadh e ris gu toileach. | |
Mark | ScotsGae | 6:21 | Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh' uaislean, 's do cheannardan, 's do mhaithean Ghalile. | |
Mark | ScotsGae | 6:22 | 'S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, 'sa dhanns i, 'sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e: | |
Mark | ScotsGae | 6:23 | Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b'e leth mo rioghachd. | |
Mark | ScotsGae | 6:24 | Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh' iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh. | |
Mark | ScotsGae | 6:25 | 'S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh' iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. | |
Mark | ScotsGae | 6:26 | Agus bha 'n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh' aig bord maille ris, cha b' aill leis miothlachd a chur oirre: | |
Mark | ScotsGae | 6:27 | 'Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh' orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan, | |
Mark | ScotsGae | 6:28 | Agus thug e leis a cheann air meis, 's thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. | |
Mark | ScotsGae | 6:29 | Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, 's thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. | |
Mark | ScotsGae | 6:30 | Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh' innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, 's air teagasg. | |
Mark | ScotsGae | 6:31 | Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn 'sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail. | |
Mark | ScotsGae | 6:33 | Agus chunnacas iad a falbh, 's bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. | |
Mark | ScotsGae | 6:34 | 'Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 6:35 | Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, 's tha 'n uair a nis air ruith | |
Mark | ScotsGae | 6:36 | Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha 's do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh' itheas iad. | |
Mark | ScotsGae | 6:37 | Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh' aran a bheir sinn dhaibh ri ithe? | |
Mark | ScotsGae | 6:38 | Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh' fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, 's da iasg. | |
Mark | ScotsGae | 6:39 | Agus dh' orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm. | |
Mark | ScotsGae | 6:41 | 'Sa glacadh na coig bonnaich-arain, 's an da iasg, 's ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile. | |
Mark | ScotsGae | 6:45 | 'S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad 'sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. | |
Mark | ScotsGae | 6:47 | 'S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. | |
Mark | ScotsGae | 6:48 | 'Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. | |
Mark | ScotsGae | 6:49 | Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh'ann, agus glaodh iad. | |
Mark | ScotsGae | 6:50 | Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh. | |
Mark | ScotsGae | 6:51 | Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra. | |
Mark | ScotsGae | 6:52 | Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh. | |
Mark | ScotsGae | 6:53 | Agus nuair dh' aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir. | |
Mark | ScotsGae | 6:55 | Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith. | |
Chapter 7
Mark | ScotsGae | 7:1 | Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem. | |
Mark | ScotsGae | 7:2 | Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 7:3 | Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean. | |
Mark | ScotsGae | 7:4 | Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise. | |
Mark | ScotsGae | 7:5 | Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe? | |
Mark | ScotsGae | 7:6 | Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam. | |
Mark | ScotsGae | 7:7 | Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine. | |
Mark | ScotsGae | 7:8 | Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh. | |
Mark | ScotsGae | 7:9 | Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail. | |
Mark | ScotsGae | 7:10 | Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e. | |
Mark | ScotsGae | 7:11 | Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa | |
Mark | ScotsGae | 7:13 | Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin. | |
Mark | ScotsGae | 7:14 | 'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh. | |
Mark | ScotsGae | 7:15 | Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:17 | Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal. | |
Mark | ScotsGae | 7:18 | Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: | |
Mark | ScotsGae | 7:19 | A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile). | |
Mark | ScotsGae | 7:20 | Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:21 | Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt, | |
Mark | ScotsGae | 7:22 | Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd. | |
Mark | ScotsGae | 7:23 | Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine. | |
Mark | ScotsGae | 7:24 | 'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach. | |
Mark | ScotsGae | 7:25 | Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan. | |
Mark | ScotsGae | 7:26 | Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn. | |
Mark | ScotsGae | 7:27 | Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con. | |
Mark | ScotsGae | 7:28 | Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne. | |
Mark | ScotsGae | 7:29 | Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn. | |
Mark | ScotsGae | 7:30 | 'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde. | |
Mark | ScotsGae | 7:31 | 'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis. | |
Mark | ScotsGae | 7:32 | Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air. | |
Mark | ScotsGae | 7:33 | Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh; | |
Mark | ScotsGae | 7:34 | 'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh. | |
Mark | ScotsGae | 7:35 | Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart. | |
Mark | ScotsGae | 7:36 | Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse; | |
Chapter 8
Mark | ScotsGae | 8:1 | Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh' itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha | |
Mark | ScotsGae | 8:2 | Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, 's chan eil ni aca a dhitheas iad: | |
Mark | ScotsGae | 8:3 | Agus ma leigeas mi air falbh iad 'nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar. | |
Mark | ScotsGae | 8:4 | Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach? | |
Mark | ScotsGae | 8:6 | Agus dh' orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. 'Sa glacadh nan seachd bonnaich, 'sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad. | |
Mark | ScotsGae | 8:7 | 'S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh' iarr e an cur air am bialaobh. | |
Mark | ScotsGae | 8:8 | Agus dh' ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh' fhagadh thog iad seachd cleibh. | |
Mark | ScotsGae | 8:9 | Is bha an fheadhainn a dh' ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad. | |
Mark | ScotsGae | 8:10 | 'S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha. | |
Mark | ScotsGae | 8:11 | Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh. | |
Mark | ScotsGae | 8:12 | 'S ag osnaich 'na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so. | |
Mark | ScotsGae | 8:14 | Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar. | |
Mark | ScotsGae | 8:15 | Is dh' aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, 's bho thaois ghoirt Heroid. | |
Mark | ScotsGae | 8:16 | Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: 'S ann a chionn 's nach eil aran againn. | |
Mark | ScotsGae | 8:17 | Thuirt Iosa riutha, 's e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn 's nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast? | |
Mark | ScotsGae | 8:18 | Tha suilean agaibh, 's nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, 's nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh, | |
Mark | ScotsGae | 8:19 | Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag. | |
Mark | ScotsGae | 8:20 | A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd. | |
Mark | ScotsGae | 8:22 | Agus thainig iad gu Bethsaida, 's thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha. | |
Mark | ScotsGae | 8:23 | 'Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; 'sa cur a shile air a shuilean, 'sa cur a lamhan air, dh' fharraid e dheth, an robh e faicinn dad. | |
Mark | ScotsGae | 8:25 | An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor 's gum bu leir dha gach ni gu soilleir. | |
Mark | ScotsGae | 8:26 | Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith. | |
Mark | ScotsGae | 8:27 | Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; 'S air an t-slighe dh' fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi? | |
Mark | ScotsGae | 8:28 | Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean. | |
Mark | ScotsGae | 8:29 | An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda. | |
Mark | ScotsGae | 8:31 | Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, 's leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, 'sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist. | |
Mark | ScotsGae | 8:32 | Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh. | |
Mark | ScotsGae | 8:33 | Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine. | |
Mark | ScotsGae | 8:34 | 'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi. | |
Mark | ScotsGae | 8:35 | Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i. | |
Mark | ScotsGae | 8:36 | Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam? | |
Chapter 9
Mark | ScotsGae | 9:1 | Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha 'nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd. | |
Mark | ScotsGae | 9:2 | Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh' atharraicheadh a chruth 'nan lathair. | |
Mark | ScotsGae | 9:3 | Agus dh' fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. | |
Mark | ScotsGae | 9:5 | Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, 'sa h-aon do Elias. | |
Mark | ScotsGae | 9:6 | Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn 's gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. | |
Mark | ScotsGae | 9:7 | Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. | |
Mark | ScotsGae | 9:8 | 'S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha. | |
Mark | ScotsGae | 9:9 | 'Sa tearnadh bhon bheinn, dh' aithn e orra, gun iad a dh' innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. | |
Mark | ScotsGae | 9:10 | Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh. | |
Mark | ScotsGae | 9:11 | Agus dh'fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich 's na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd? | |
Mark | ScotsGae | 9:12 | Thuirt e riutha, 's e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, 's gum faigh e taire. | |
Mark | ScotsGae | 9:13 | Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, ('s gun d' rinn iad air gach ni b' aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn. | |
Mark | ScotsGae | 9:14 | 'Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, 's na Sgriobhaich a deaspud riutha. | |
Mark | ScotsGae | 9:15 | 'S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt' air. | |
Mark | ScotsGae | 9:17 | Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh. | |
Mark | ScotsGae | 9:18 | Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, 'sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b' urrainn dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 9:19 | 'Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. | |
Mark | ScotsGae | 9:20 | Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial. | |
Mark | ScotsGae | 9:21 | Is dh' fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e 'na leanabh. | |
Mark | ScotsGae | 9:22 | Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. | |
Mark | ScotsGae | 9:23 | Is thuirt Iosa ris: Ma 's urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach. | |
Mark | ScotsGae | 9:24 | Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m' ana-creideamh. | |
Mark | ScotsGae | 9:25 | Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as 's na rach a stigh ann tuilleadh. | |
Mark | ScotsGae | 9:26 | Agus chaidh e mach as, ag eigheach, 's ga riabadh gu goirt: agus dh'fhas e coltach ri duine marbh, air chor 's gun robh moran ag radh: Tha e marbh. | |
Mark | ScotsGae | 9:28 | 'S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth, 's iad leo fhein: Carson nach b' urrainn dhuinn a thilgeadh a mach? | |
Mark | ScotsGae | 9:29 | Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh 's le traisg. | |
Mark | ScotsGae | 9:30 | 'Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; 's cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so. | |
Mark | ScotsGae | 9:31 | Oir bha e teagasg a dheisciopul, 's ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, 's gum marbhadh iad e, 's an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. | |
Mark | ScotsGae | 9:33 | Is thainig iad gu Capharnaum. 'S nuair a bha iad san tigh, dh' fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh'agaibh air an rathad? | |
Mark | ScotsGae | 9:34 | Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. | |
Mark | ScotsGae | 9:35 | 'Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus 'na sheirbhiseach dhaibh uile. | |
Mark | ScotsGae | 9:36 | 'Sa breith air leanabh, chuir e 'nam miadhon e ; 's an deigh a ghlacadh 'na uchd, thuirt e riutha: | |
Mark | ScotsGae | 9:37 | Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. | |
Mark | ScotsGae | 9:38 | Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d' ainmsa, agus bhac sinn e. | |
Mark | ScotsGae | 9:39 | Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a 's urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh: | |
Mark | ScotsGae | 9:41 | Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn's gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais. | |
Mark | ScotsGae | 9:42 | Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b' fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, 'sa bhith air a thilgeil sa mhuir. | |
Mark | ScotsGae | 9:43 | 'S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh' iutharna gu teine nach smalar: | |
Mark | ScotsGae | 9:45 | Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh' iutharna gu teine nach tig as: | |
Mark | ScotsGae | 9:47 | Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: 's fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna: | |
Chapter 10
Mark | ScotsGae | 10:1 | 'S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b' abhuist dha, theagaisg e rithist iad. | |
Mark | ScotsGae | 10:2 | 'S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh' fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? 's iad ga bhuaireadh. | |
Mark | ScotsGae | 10:5 | Thuirt Iosa gam freagairt : 'S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so. | |
Mark | ScotsGae | 10:8 | Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil. | |
Mark | ScotsGae | 10:11 | Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, 'sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 10:12 | 'S ma chuireas bean air falbh a fear, 's fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais. | |
Mark | ScotsGae | 10:13 | Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige. | |
Mark | ScotsGae | 10:14 | Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: 's gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: | |
Mark | ScotsGae | 10:15 | Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte. | |
Mark | ScotsGae | 10:17 | 'S nuair a dh' fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid 'na ruith, 'sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh' fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? | |
Mark | ScotsGae | 10:18 | Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia 'na aonar. | |
Mark | ScotsGae | 10:19 | Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige : Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair. | |
Mark | ScotsGae | 10:20 | Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige. | |
Mark | ScotsGae | 10:21 | Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise. | |
Mark | ScotsGae | 10:22 | Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh' fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis. | |
Mark | ScotsGae | 10:23 | Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe! | |
Mark | ScotsGae | 10:24 | Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe! | |
Mark | ScotsGae | 10:25 | Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 10:26 | Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte? | |
Mark | ScotsGae | 10:27 | Agus thuirt Iosa, 's e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 10:28 | Agus thoisich Peadar ri radh ris : Seall, dh' fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu. | |
Mark | ScotsGae | 10:29 | Is thuirt Iosa, 's e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh' fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil, | |
Mark | ScotsGae | 10:30 | Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal. | |
Mark | ScotsGae | 10:31 | Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, 's air dheireadh a bhitheas air thoiseach. | |
Mark | ScotsGae | 10:32 | Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh' imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. | |
Mark | ScotsGae | 10:33 | Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, 's do na Sgriobhaich, 's do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e; | |
Mark | ScotsGae | 10:34 | Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha. | |
Mark | ScotsGae | 10:35 | Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh' iarras sinn. | |
Mark | ScotsGae | 10:37 | Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis 's am fear eile air do laimh chli, nad ghloir. | |
Mark | ScotsGae | 10:38 | Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh? | |
Mark | ScotsGae | 10:39 | Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh' ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh | |
Mark | ScotsGae | 10:40 | Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh. | |
Mark | ScotsGae | 10:41 | Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas 's de Eoin. | |
Mark | ScotsGae | 10:42 | Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, 's gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra. | |
Mark | ScotsGae | 10:43 | Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na fhear frithealaidh dhuibh. | |
Mark | ScotsGae | 10:44 | Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na sheirbhiseach agaibh uile. | |
Mark | ScotsGae | 10:45 | Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, 's gus a bheatha leigeil sios 'na h-eirig air son mhorain. | |
Mark | ScotsGae | 10:46 | Agus rainig iad Iericho; 's nuair bha esan 'sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh' an dall Bartimeus, mac Thimeiuis 'na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce. | |
Mark | ScotsGae | 10:47 | 'S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh'ann, thoisich e ri glaodhach 's ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. | |
Mark | ScotsGae | 10:48 | Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach 'sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. | |
Mark | ScotsGae | 10:49 | Agus sheas Iosa, is dh' orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh. | |
Mark | ScotsGae | 10:51 | Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris : A Rabboni, gum faic mi. | |
Chapter 11
Mark | ScotsGae | 11:1 | Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil, | |
Mark | ScotsGae | 11:2 | Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e. | |
Mark | ScotsGae | 11:3 | Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair. | |
Mark | ScotsGae | 11:4 | 'Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh' fhuasgail iad e. | |
Mark | ScotsGae | 11:5 | Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail? | |
Mark | ScotsGae | 11:7 | Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air. | |
Mark | ScotsGae | 11:8 | Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad. | |
Mark | ScotsGae | 11:10 | Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh. | |
Mark | ScotsGae | 11:11 | Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; 's an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha 'm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag. | |
Mark | ScotsGae | 11:13 | 'S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh' fhaoidte dad oirre; 's nuair a rainig e i, cha d' fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann. | |
Mark | ScotsGae | 11:14 | 'Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn. | |
Mark | ScotsGae | 11:15 | Is rainig iad Ierusalem. 'S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, 's na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman. | |
Mark | ScotsGae | 11:17 | Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth. | |
Mark | ScotsGae | 11:18 | Agus nuair chuala na h-ard-shagairt 's na Sgriobhaich so, dh' iarr iad ciamar a dh' fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg. | |
Mark | ScotsGae | 11:20 | 'S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean. | |
Mark | ScotsGae | 11:21 | Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as. | |
Mark | ScotsGae | 11:23 | Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so ; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha. | |
Mark | ScotsGae | 11:24 | Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b' e ni dh' iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh. | |
Mark | ScotsGae | 11:25 | 'S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. | |
Mark | ScotsGae | 11:26 | Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. | |
Mark | ScotsGae | 11:27 | Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. 'S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh, | |
Mark | ScotsGae | 11:28 | Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh? | |
Mark | ScotsGae | 11:29 | Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so. | |
Mark | ScotsGae | 11:31 | Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e? | |
Mark | ScotsGae | 11:32 | Ma their sinn : bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh. | |
Chapter 12
Mark | ScotsGae | 12:1 | Is thoisich e ri labhairt riutha ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, is chuir e garadh mu thimcheall, is chladhaich e amar-fiona, is thog e tur, is shuidhich e air aonta do thuathanaich e, is dh' fhalbh e gu tir chein. | |
Mark | ScotsGae | 12:2 | Agus chuir e seirbhiseach thun na tuathanaich san am, los gu faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhuapa. | |
Mark | ScotsGae | 12:4 | Agus a rithist chuir e gan ionusuidh seirbhiseach eile; is lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha. | |
Mark | ScotsGae | 12:5 | 'Sa rithist chuir e fear eile, 's mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad. | |
Mark | ScotsGae | 12:6 | Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, ag radh: Bheir iad urram dham mhac. | |
Mark | ScotsGae | 12:7 | Ach thuirt na tuathanaich ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein. | |
Mark | ScotsGae | 12:9 | Ciod ma ta a ni tighearna a gharaidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e na tuathanaich sin; agus bheir e gharadh-fiona do dh' fheadhainn eile. | |
Mark | ScotsGae | 12:10 | Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi. | |
Mark | ScotsGae | 12:12 | Agus dh' iarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir thuig iad gum b' ann mun deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dh' fhalbh iad. | |
Mark | ScotsGae | 12:13 | Is chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e 'na chainnt. | |
Mark | ScotsGae | 12:14 | Thainig iadsan, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, 's nach eil eisimeil agad ri duine sam bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chesar, no nach eil? | |
Mark | ScotsGae | 12:15 | Thuig esan am foill, is thuirt e riutha: Carson tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh dhomh sgilinn gus am faic mi i. | |
Mark | ScotsGae | 12:16 | Agus thug iad dha i. Is thuirt e riutha: Co leis an iomhaigh so, 's an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le Cesar. | |
Mark | ScotsGae | 12:17 | Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Thugaibh mata do Chesar na bhuineas do Chesar; 's do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad ioghnadh as. | |
Mark | ScotsGae | 12:18 | Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; is dh' fharraid iad dheth, ag radh | |
Mark | ScotsGae | 12:19 | A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheibh brathair duine bas, 's gum fag e bean, 's nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, 's togadh e clann dha bhrathair. | |
Mark | ScotsGae | 12:20 | A nis bha seachdnar bhraithrean ann 's ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail. | |
Mark | ScotsGae | 12:21 | Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan 's cha mhua dh' fhag esan sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna. | |
Mark | ScotsGae | 12:22 | Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; 's cha d' fhag iad sliochd. 'Nan deigh uile dh' eug am boirionnach fhein. | |
Mark | ScotsGae | 12:23 | Anns an aiseirigh mata, nuair dheireas iad, co dhiu sin dham bi i 'na mnaoi? oir bha i 'na mnaoi aig an t-seachdnar. | |
Mark | ScotsGae | 12:24 | Agus fhreagair Iosa, is thuirt e riutha: Nach ann a thaobh seo a tha sibh a deanamh mearachd, nach eil eolas agaibh air na sgriobturan no air cumhachd Dhe? | |
Mark | ScotsGae | 12:25 | Oir nuair a dh' eireas iad bho na mairbh, cha phos iad, 's cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais. | |
Mark | ScotsGae | 12:26 | Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, ag radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iocoib? | |
Mark | ScotsGae | 12:28 | Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, 'sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh' fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile. | |
Mark | ScotsGae | 12:29 | Is fhreagair Iosa e: Gum b' i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia : | |
Mark | ScotsGae | 12:30 | Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte. | |
Mark | ScotsGae | 12:31 | Agus tha an darna fainte coltach rithe : Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann. | |
Mark | ScotsGae | 12:32 | Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, 's nach eil ann ach e; | |
Mark | ScotsGae | 12:33 | 'S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, 's leis an uile anam, 's leis an uil' inntinn, agus leis an uile neart ; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile. | |
Mark | ScotsGae | 12:34 | Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air. | |
Mark | ScotsGae | 12:35 | Is thuirt Iosa, 's e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criosda mac Dhaibhidh? | |
Mark | ScotsGae | 12:36 | Oir tha Daibhidh fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Tighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhidean nan stol-chas dhut. | |
Mark | ScotsGae | 12:37 | Tha Daibhidh fhein mata a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar mata is e a mhac? Is dh' eisd moran sluaigh ris gu deonach. | |
Mark | ScotsGae | 12:38 | Is thuirt e riutha 'na theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh, | |
Mark | ScotsGae | 12:39 | Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, 's air na ciad shuidheachain aig suipeirean: | |
Mark | ScotsGae | 12:40 | A shluigeas tighean bhantrach air sgath urnaighean fada: gheibh iad sin binn nas cruaidhe. | |
Mark | ScotsGae | 12:41 | 'S nuair a bha Iosa 'na shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha 'n sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus chuir moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte. | |
Mark | ScotsGae | 12:42 | Agus thainig bantrach bhochd, is chuir i da lethfheoirlinn, se sin fairdein, innte, | |
Mark | ScotsGae | 12:43 | 'Sa gairm a dheisciopul, thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so barrachd na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh. | |
Chapter 13
Mark | ScotsGae | 13:1 | 'S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo. | |
Mark | ScotsGae | 13:2 | Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. | |
Mark | ScotsGae | 13:3 | 'S nuair a bha e 'na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris: | |
Mark | ScotsGae | 13:4 | Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh? | |
Mark | ScotsGae | 13:5 | Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibh | |
Mark | ScotsGae | 13:7 | Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s'fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast. | |
Mark | ScotsGae | 13:8 | Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod 's a so, agus gorta. 'Siad sin toiseachd nan amhghar. | |
Mark | ScotsGae | 13:9 | Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan. | |
Mark | ScotsGae | 13:11 | Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, 's gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. | |
Mark | ScotsGae | 13:12 | Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad. | |
Mark | ScotsGae | 13:13 | Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m'ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte. | |
Mark | ScotsGae | 13:14 | Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios 'na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann. | |
Mark | ScotsGae | 13:15 | 'S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, 's na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; | |
Mark | ScotsGae | 13:16 | 'S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus 'aodach a thoirt leis. | |
Mark | ScotsGae | 13:19 | Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, 's nach bi. | |
Mark | ScotsGae | 13:20 | Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. | |
Mark | ScotsGae | 13:21 | Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e. | |
Mark | ScotsGae | 13:22 | Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein. | |
Mark | ScotsGae | 13:24 | Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, 's cha toir a ghealach a solus. | |
Mark | ScotsGae | 13:25 | Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. | |
Mark | ScotsGae | 13:27 | An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. | |
Mark | ScotsGae | 13:28 | A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, 'sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg: | |
Mark | ScotsGae | 13:29 | Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. | |
Mark | ScotsGae | 13:30 | Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. | |
Mark | ScotsGae | 13:32 | Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. | |
Mark | ScotsGae | 13:33 | Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am. | |
Mark | ScotsGae | 13:34 | Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh' fhag a thigh, 'sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, 'sa dh' aithn' air an dorsair faire a dhianamh. | |
Mark | ScotsGae | 13:35 | Dianaibhse faire mata, (chionn 's nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), | |
Chapter 14
Mark | ScotsGae | 14:1 | A nis bha feill na casga 's an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,'s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e. | |
Mark | ScotsGae | 14:2 | Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh' fhaoidte am measg an t-sluaigh. | |
Mark | ScotsGae | 14:3 | 'S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 'sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh' ola phriseil spicnaird, 'sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i. | |
Mark | ScotsGae | 14:4 | A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola? | |
Mark | ScotsGae | 14:5 | Oir dh' fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, 's an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur 'na h-aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 14:6 | Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa. | |
Mark | ScotsGae | 14:7 | Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh. | |
Mark | ScotsGae | 14:8 | Rinn i na b'urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh' ungadh mo chuirp air son an adhlaic. | |
Mark | ScotsGae | 14:9 | Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b' e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre. | |
Mark | ScotsGae | 14:10 | Is dh' fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh' ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh. | |
Mark | ScotsGae | 14:11 | Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath. | |
Mark | ScotsGae | 14:12 | 'S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, 's gun ith thu a chaisg? | |
Mark | ScotsGae | 14:13 | Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e; | |
Mark | ScotsGae | 14:14 | Agus ge b' e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil? | |
Mark | ScotsGae | 14:15 | Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn. | |
Mark | ScotsGae | 14:16 | Is dh' fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg. | |
Mark | ScotsGae | 14:18 | Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, 's ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th' ag ithe maille rium, mi. | |
Mark | ScotsGae | 14:19 | Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, 's gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e? | |
Mark | ScotsGae | 14:20 | Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis. | |
Mark | ScotsGae | 14:21 | 'S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e. | |
Mark | ScotsGae | 14:22 | 'S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; 's ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa. | |
Mark | ScotsGae | 14:24 | Is thuirt e riutha: Si so m' fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain. | |
Mark | ScotsGae | 14:25 | Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 14:27 | Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich. | |
Mark | ScotsGae | 14:30 | Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean. | |
Mark | ScotsGae | 14:31 | Ach 'sann an sin bu dana a labhair e: Ged b' fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile. | |
Mark | ScotsGae | 14:32 | Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh. | |
Mark | ScotsGae | 14:33 | Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor. | |
Mark | ScotsGae | 14:34 | Is thuirt e riutha: Tha m' anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire. | |
Mark | ScotsGae | 14:35 | 'Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: | |
Mark | ScotsGae | 14:36 | Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa. | |
Mark | ScotsGae | 14:37 | Agus thainig e, 'is fhuair e iad 'nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris? | |
Mark | ScotsGae | 14:38 | Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag. | |
Mark | ScotsGae | 14:40 | 'Sa tilleadh, fhuair e rithist iad 'nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris. | |
Mark | ScotsGae | 14:41 | Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th' an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach. | |
Mark | ScotsGae | 14:43 | Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, 's le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, 's na seanairean. | |
Mark | ScotsGae | 14:44 | Agus bh' am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b' e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach. | |
Mark | ScotsGae | 14:45 | 'S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e. | |
Mark | ScotsGae | 14:47 | Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth. | |
Mark | ScotsGae | 14:48 | Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean 's le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi? | |
Mark | ScotsGae | 14:49 | Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach 'sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so. | |
Mark | ScotsGae | 14:51 | Ach lean duin' og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air. | |
Mark | ScotsGae | 14:53 | Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean. | |
Mark | ScotsGae | 14:54 | Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; 's bha e 'na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein. | |
Mark | ScotsGae | 14:55 | Agus dh' iarr na h-ard-shagairt, 'sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d'fhuair iad sin. | |
Mark | ScotsGae | 14:56 | Oir bha moran a toirt fianuise-breige 'na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh. | |
Mark | ScotsGae | 14:58 | Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d' rinneadh le lamhan. | |
Mark | ScotsGae | 14:60 | Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth? | |
Mark | ScotsGae | 14:61 | Ach dh' fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh' fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte? | |
Mark | ScotsGae | 14:62 | Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, 'sa tighinn air neoil nan speur. | |
Mark | ScotsGae | 14:63 | An sin an t-ard-shagart a stracadh 'eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean? | |
Mark | ScotsGae | 14:64 | Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas. | |
Mark | ScotsGae | 14:65 | Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, 's ri comhdach 'aodainn, 's ri bualadh dhorn air, 's ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e. | |
Mark | ScotsGae | 14:66 | 'S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt; | |
Mark | ScotsGae | 14:67 | 'S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth. | |
Mark | ScotsGae | 14:68 | Ach dh'aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh'fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach. | |
Mark | ScotsGae | 14:69 | Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: 'Sann dhiu am fear so. | |
Mark | ScotsGae | 14:70 | Is dh' aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu. | |
Mark | ScotsGae | 14:71 | Ach thoisich esan ri mollachadh 's ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt. | |
Chapter 15
Mark | ScotsGae | 15:1 | Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, 's na seannairean 's na Sgriobhaich, 'sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat. | |
Mark | ScotsGae | 15:2 | Is dh' fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh. | |
Mark | ScotsGae | 15:4 | Is dh' fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh. | |
Mark | ScotsGae | 15:6 | A nis air latha na feille b' abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh' iarradh iad. | |
Mark | ScotsGae | 15:7 | Agus bha fear ann, dham b'ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc. | |
Mark | ScotsGae | 15:8 | Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e. | |
Mark | ScotsGae | 15:9 | Agus fhreagair Pilat iad, 's thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach? | |
Mark | ScotsGae | 15:10 | Oir bha fios aige gum b' ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e. | |
Mark | ScotsGae | 15:11 | Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn. | |
Mark | ScotsGae | 15:12 | Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach? | |
Mark | ScotsGae | 15:14 | Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e. | |
Mark | ScotsGae | 15:15 | Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, 's an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh. | |
Mark | ScotsGae | 15:16 | Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile. | |
Mark | ScotsGae | 15:19 | Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, 'sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha. | |
Mark | ScotsGae | 15:20 | Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. | |
Mark | ScotsGae | 15:21 | Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan. | |
Mark | ScotsGae | 15:22 | Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari. | |
Mark | ScotsGae | 15:24 | Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon. | |
Mark | ScotsGae | 15:27 | Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli. | |
Mark | ScotsGae | 15:28 | Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach. | |
Mark | ScotsGae | 15:29 | Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, 's ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, 'sa thogas e rithist ann an tri latha: | |
Mark | ScotsGae | 15:31 | Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh. | |
Mark | ScotsGae | 15:32 | Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air. | |
Mark | ScotsGae | 15:33 | 'S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair. | |
Mark | ScotsGae | 15:34 | Agus aig an naoitheamh uair dh' eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? | |
Mark | ScotsGae | 15:35 | Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais. | |
Mark | ScotsGae | 15:36 | Agus ruith fear, 'sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas. | |
Mark | ScotsGae | 15:39 | Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha 'na sheasamh mu choinneamh, gun do dh'eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b'e an duine so Mac Dhe. | |
Mark | ScotsGae | 15:40 | Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome: | |
Mark | ScotsGae | 15:41 | A lean e nuair a bha e ann an Galile, 'sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh' air direadh gu Ierusalem maille ris. | |
Mark | ScotsGae | 15:42 | 'S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh' ann, se sin an latha romh 'n t-sabaid, | |
Mark | ScotsGae | 15:43 | Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh' iarr e corp Iosa. | |
Mark | ScotsGae | 15:44 | 'S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. 'Sa gairm a cheannaird-chiad, dh' fharraid e dheth an robh e cheana marbh. | |
Mark | ScotsGae | 15:46 | Agus cheannaich Ioseph lion-anart, 's ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh' air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe. | |
Chapter 16
Mark | ScotsGae | 16:1 | 'S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh. | |
Mark | ScotsGae | 16:2 | Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine. | |
Mark | ScotsGae | 16:3 | 'S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe? | |
Mark | ScotsGae | 16:4 | 'Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b' anabarrach mor i. | |
Mark | ScotsGae | 16:5 | 'Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra. | |
Mark | ScotsGae | 16:6 | Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh' eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e. | |
Mark | ScotsGae | 16:7 | Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh. | |
Mark | ScotsGae | 16:8 | 'Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; 's cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra. | |
Mark | ScotsGae | 16:9 | Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain. | |
Mark | ScotsGae | 16:10 | Dh' fhalbh ise, agus dh' innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, 's iad a gal sa caoidh. | |
Mark | ScotsGae | 16:11 | Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, 's gum facas e leatha, cha do chreid iad. | |
Mark | ScotsGae | 16:12 | 'S an deigh sin dh' fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich. | |
Mark | ScotsGae | 16:13 | Agus dh' fhalbh iadsan, is dh' innis iad do chach: 'S cha mhua chreid iadsan iad. | |
Mark | ScotsGae | 16:14 | Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh. | |
Mark | ScotsGae | 16:15 | Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair. | |
Mark | ScotsGae | 16:16 | Esan a chreideas 'sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh. | |
Mark | ScotsGae | 16:17 | Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura; | |
Mark | ScotsGae | 16:18 | Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh' olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math. | |
Mark | ScotsGae | 16:19 | Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e 'na shuidhe air laimh dheis Dhe. | |